Sgioba Camanachd Bhail’ ùr an t-sleibh


Tha iomain air a bhith air a chluich ann am Bail’ ùr an t-sleibh thar na linntean, ach tha cunntais ann air iomain air a chluich aig raon an latha diugh Eilean Bheannchair – neo an t-Eilan mar a chanar ris an diugh – bho 1877. Chaidh an cluba fo  fàidhdearachd a Chamanachd Association ann an 1895.

Bhon uair sin tha an sgioba air an Camanachd Cup - an cupa nàiseanta ann an Alba a bhuannachd ochd ar fhichead turas –rud nach do rinn sgioba sam bith eile anns a gheama. Tha an sgioba cuideachd air Cupa MacTavish a bhuannachadh trithead uair agus co-fharpaisean gu leòr eile cuideachd.

Tha còmhstri fhàda agus chàirdeil air a bhith eadar Bail’ ùr an t-sleibh agus sgiobaidhean eile bho air feadh Alba – gu h-araid le Kyles Athletic agus ‘s iomadh geama ainmeil a th’air a bhith aca thar na bliadhnaichean. Tha càirdeas dlùth eadar an dà sgioba agus iad le cheile a’ gabhail pàirt ann an cuimhneachainn ceud bliadhna bho thoisich na sgiobaidhean aca a’ cluich.

Tha a chòmhstri as laidire ged tha eadar iad fhein agus an nabaidean Ceann a Ghiuthsaich. Bho chionn ghoirid ‘s e Ceann a Ghiuthsaich as fhearr a th’air a bhith a’ dèanamh, fhàds a tha Bail’ùr an t-sleibh air a bhith a’ feuchainn cluicheadair ùra air salaibh feadhainn eile a chall gu obraichean neo foghlam ann an àiteachan eile. Tha an sgioba cinnteach ge ta nach mair seo ro fhàda.



A’ coimhead iomain

Tha an raon-cluiche air an rathad a deas a mach as a bhaile air do shlighe chun an A9 seachad air an Chef’s Grill.


Bi Bail’ ùr an t-sleibh a’ cluich ann am briogaisean goirid gorm agus stocainnean agus leintean striopach geal agus gorm.

Tha dà sgioba aig a Chluba a cluiche anns na lìgean Nàiseanta agus bi iad cuideachd a’ gabhail pàirt ann an cò-fhairpisean airson cluicheadairean fo aois ceithir bliadhna deug agus seachd bliadhna deug. Tha corr ‘s fichead sgoilear a’ faighinn coidseach.

Tha an ‘throw-up’ aig 1430 mur a h-eil air innse.

Gheibhear biadh ‘s deoch agus taigh beag anns an ‘Clubhouse’.



Camanachd 
‘S e fior sheann gheama a th’ann an iomain – neo camanachd mar a chanar ris ann an àiteachan far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn ann an Alba.  Thàinig e an toiseach dhan dùthaich seo còrr ‘s da mhìle bliadhna air ais le misionairidhean Èireannach còmhla ris a chreideamh Criostal agus an canan Gàidhlig.  Chan eil teagamh sam bith ann gur e an spòrs nàiseanta ann an Alba.  Tha cuid fiùs ag ràdh, gun d’ tàinig an geama goilf bho chluicheadairean a’ bualadh ball le caman – am maide a th’air a chleachdadh le cluicheadairean iomain.  ‘S e cuideachd an geama a tha a nis air a chluich mar hocaidh deigh ann an Canada.

Tha an geama air a chluich eadar dà bhuidheann do dhà chluicheadairean deug le trì fir-ionaid.  Tha a’ phàirc cluich eadar 140 agus 170 slat a dh’fhaid agus 70 gu 80 slat a leud.  Tha na goalaichean 12 troigh bho chèile agus 10 troighean a dh’àirde.  Tha cuairt-thomhas eadar 8 agus 7.5 orlaich aig a bhall a tha air a chòmhdach le leathar, agus tha eadar 3 agus 2.5 unnsa de chuideam ann (rud beag nas lugha agus chan eil e cho cruaidh ri ball hocaidh).  Tha am maide – an caman – caran coltach ri maide hocaidh, le ceann crom, agus aodann oisinneach air gach taobh.  ‘S e an taobh oisinneach a tha a toirt air a bhalla èirigh suas nuair a th’air a bhualadh.  Bi cluicheadairean a tha a’ dìon na goalaichean agus cluicheadairean a tha a feuchainn ri tadhal fhaighinn a cleachdadh camain eadar-dhealaichte.  Ged a tha mòran dhaoine a dèanamh coimeas eadar iomain agus hocaidh, ‘s e fìor bheag a tha an comas eadar an dà gheama.  Gu dearbha ’s e an geama Èireannach ‘hurley’ as coltaiche ri iomain.  Bi geama eadar-nàiseanta air a chluich eadar Alba agus Èirinn gach bliadhna le riaghailtean bhon dà gheama.

Tha an geama air a chluich thairis air dà leth de 45 mionaidean an urra.  Tha an geama a’ tòiseachadh le cluicheadair bho gach sgioba a’ croiseadh na camain os cionn an cinn agus tha an rèitire a’ tilgeil balla suas dhan eir eatorra.  Tha an geama cus nas corporra na hocaidh.  Faodar dà thaobh a chamain a chleachdadh agus ged a tha am ball glè thrice anns an eir, tha na sgilean cluich as fheàrr rim faicinn nuair a tha am ball air an talamh.  ’S e geama uamhasach luath, fosgailte a th’ann an iomain.  Tha an geama air a chluich bho ceann gu ceann dhen raon-cluiche agus faodaidh cuisean atharrachadh gu h-aithghearr.  Bi na cluicheadairean a’ fuireach ann am pàirtean sònraichte dhen raon-cluiche an àite a bhith a’ leantainn a’ bhuill.  Chan fhaodar am ball a bhreabadh, neo nàmhaid!  Faodar casan a cleachdadh airson am ball a stad.

Nuair a thèid am ball a-mach air an raon-cluiche, tha e air a thilleadh air ais a steach le cluicheadair a’ tilgeil a’ bhuill os cionn a chinn agus ga bhualadh le sail a’ chamain.  Feumaidh a dhà chàs a bhith air an talamh agus coshinte ri oir an raoin-cluiche.  Tha e cus nas duilghe seo a dhèanamh gu cunbhalach na tha e a coimhead!

 ‘S e am fear-glèidhidh an aon duine a dh’fhaodas am ball a làimhseachadh – agus an uairsin chan fhaod e greim fhaighinn air a’ bhall ach a bhualadh air falbh le làmh.  ’S e an diofar as motha eadar iomain agus geamaichean buill eile an riaghailt ‘off-side’.  Tha cluicheadair ‘off-side’ ma thèid e dhan bhogsa deich slait timcheall air a ghoil – tha seo air a shealltainn air an raon-cluiche -mus tèid am ball a steach dhan bhogsa – eadhan anns an eir neo air an talamh – chan eil e gu diofar cia mheud cluicheadair bhon sgioba eile a tha faisg air làimh neo air taobh na goalaichean dhen bhall.